| Text Only Version | Site map | Print this Page |
Islands and Routes | Timetables and Fares | Book Online
Booking Hotline08000 66 5000
Plana Gàidhlig Aiseagan ChalMac ga fhoillseachadh an Ile
21 March 2007

Is iad Aiseagan ChalMac Earranta (CalMac) a’ chiad ghnìomhaiche còmhdhail nàiseanta a tha a’ foillseachadh Plana Gàidhlig, le fiosrachadh iomlan a tha a’ mìneachadh an taic dhan Ghàidhlig agus dòighean san cuir a’ chompanaidh an taic seo an gnìomh.

 

Tha CalMac mar-thà air fàilte a chur air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus am fios a thàinig as a dèidh bho Bhòrd na Gàidhlig, fo Earrann 3 dhen Achd, agus iad ga chur mar dhleastanas air Caledonian Mac a’ Bhriuthainn obrachadh leis a’ Bhòrd gus Plana Cànain Gàidhlig a dheasachadh agus a bhuileachadh ann an 2007/08.

 

Chaidh am Plana Gàidhlig fhoillseachadh a-nochd (Diciadain, 21 Màrt) ann an Ìle, far an robh Bòrd nan Stiùirichean a’ coinneachadh ri muinntir na sgìre agus saoghal gnìomhachais an eilein, ro choinneamh phoblach an ath-oidhch’ a bhruidheann mun aiseag ùr a thathar an dùil a bhios ann an Ìle ann an 2010.

 

Ged is e Aiseagan ChalMac Earranta a tha a’ cur a-mach a’ phlana, tha e cuideachd a’ buntainn ri Maoin Mara Chaledonian Earranta (CMAL) agus companaidhean buntainneach, CalMac HR (UK), Sgiobaidhean ChalMac (Guernsey) Earranta, Aiseagan Chòmhghaill Earranta agus Aiseagan Reachraidh Earranta.

 

Bha iomradh sònraichte air riatanasan cànain sa Chuireadh gu Tairgse (ITT) gus aiseagan deatamach agus seirbheisean cala buntainneach a sholarachadh, a chuir Ministearan na h-Alba a-mach san Dùbhlachd 2006. Is e dùil ChalMac, chan e a-mhàin na riatanasan seo a choinneachadh, ach fiù’s barrachd a dhèanamh a thaobh an fheadhainn a tha a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig.

 

A’ bruidhinn as dèidh am Plana fhoillseachadh, thuirt an t-Àrd-stiùiriche Lawrie Mac na Ceardaich: “Mar chompanaidh a tha ag obrachadh sheirbheisean aiseig deatamach air cost an iar na h-Alba, tha dlùth-cheangal làidir eadar CalMac agus suidheachadh cultarail, sòisealta agus eaconamach na coimhearsnachd Gàidhlig. Tha sinn dha-rìreabh ag aithneachadh amasan agus miannan Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil co-cheangal eadar cultar, eaconamaidh, cruinn-eòlas, eachdraidh, dualchas, cuide ris an leantainneachd again fhèin a thaobh seirbheis luachmhor, a’ cur ChalMac, mar bhuidhinn poblach margaideach, ann an suidheachadh làidir gus cur gu mòr ris a’ Ghàidhlig, gu h-àraid na h-iomairtean aice leithid a bhith a’ brosnachadh turasachd chultarail agus barrachd ceangail ris a’ choimhearsnachd. Tha e cudromach dhan chompanaidh gum bi an luchd-cleachdaidh ga faicinn mar bhuidhinn aig a bheil dearbh-aithne chorporra dà-chànanach.”

 

 

Chaidh Plana Cànain na Gàidhlig a dheasbad agus aontachadh le Stiùirichean Roinneil ChalMac agus Bòrd nan Stiùirichean. Tha an ro-ràdh gu Plana Gàidhlig ChalMac ag ràdh: “Ged a tha taobh samhlachail cànain cudromach mar thomhas air dearbh-aithne, tha sinn a’ cur barrachd luaich air a bhith ga neartachadh mar mhodh conaltraidh. Mar sin, ged a tha e beusach, chan e eacarsaich gun seagh a tha ann, ach oidhirp dha-rìreabh gus taic a thoirt do dh’amasan agus miannan Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn ag aithneachadh gur e deagh chleachdadh a tha ann a bhith a’ tabhann roghainn chànanan don phoball, seach gèilleadh gun fheum. Tha sinn a’ cur fàilte air a’ chothroim gus Gàidhlig a dhèanamh àbhaisteach taobh a-staigh a’ ghnìomhachais againn, gu h-àraid a thaobh a bhith a’ conaltradh leis an luchd-caitheimh againn sna soithichean, ionadan-aiseig agus puirt againn, ann an sgìrean far a bheilear a’ bruidhinn na Gàidhlig.

 

Tha sinn cuideachd ag aithneachadh, ged a tha faclan mar “leasachadh” agus “àrach” ann an co-theacsa cànain, nam briathran a tha ag iarraidh gnìomh agus atharrachadh, tha crìochan ann a thaobh na ’s urrainnear dha-rìreabh a dhèanamh gu h-èifeachach.”

 

Tha am plana seo air a chur a-steach mar Chiad Cheum de phròiseas leantainneach. Bidh an ceum seo, a tha air taic chudromach ionmhasail fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann a chaidh a stèidheachadh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh, deiseil sa mhòr-chuid ro 31 Màrt 2007.

 

Tha leth-bhreacan rim faotainn bho Aiseagan ChalMac aig an t-seòladh gu h-ìseal agus chuireadh a’ chompanaidh fàilte air beachdan no fios air ais a thaobh nam molaidhean aice gus am plana a bhuileachadh. Thathar a’ cur Plana na Gàidhlig air làrach-lìn ChalMac agus thathar an-dràsta a’ deasachadh dreach Ghàidhlig dhen làrach sin.

 

Seo cuid de phrìomh earrannan bho Phlana Gàidhlig ChalMac:

 

Lìbhrigeadh Sheirbheisean

 

Is e ar n-amas an aon inbhe seirbheis a lìbhrigeadh ann am Beurla agus Gàidhlig.

 

Is e ar n-amas seirbheis bhrìoghmhor, chunbhalach agus earbsach a thoirt do luchd na Gàidhlig.

 

Tha a’ Chompanaidh mothachail gur mathaid gum bi luchd-cleachdaidh agus eile airson am beachdan agus feumalachdan a chur an cèill agus ag iarraidh seirbheisean conaltraidh anns a’ chànan as fheàrr leotha.

 

Siridh sinn beachdan nam Fòraman Aiseig Ionadail a thaobh sheirbheisean a dh’iarradh iad tro mheadhan na Gàidhlig

 

 

 

 

 

 

 Obair Taobh a-Staigh na Companaidh

 

 

Tha a’ Chompanaidh mothachail gu feum iad luchd-obrach gu leòr fhastadh aig a bheil Gàidhlig airson am plana a chur an gnìomh, gu h-àraidh daoine a bhios a’ dèiligeadh ris a’ phoball tric. 

 

Comharrachaidh a’ Chompanaidh na h-àiteachan, dreuchdan agus dleastanasan far a bheil comas labhairt na Gàidhlig riatanach no feumail agus deasaichidh iad dealbhan dreuchd a rèir seo. Is dòcha gum bi an riatanas seo a’ buntainn ris an àite-obrach no an sgioba obrach seach ri dreuchd shònraichte.

 

 

Dh’fhaoidte gun tèid an riatanas seo a mhìneachadh mar taobh a-staigh buaidh an ionaid-obrach no sgioba, seach a bhith a’ buntainn ri dreuchd shònraichte.

 

Cumaidh a’ Chompanaidh liosta de luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig airson sùil leanailteach a chumail air comasan cànain. Thèid sgrùdadh a dhèanamh gu cunbhalach gus fiosrachadh a chruinneachadh airson a’ phròiseas Dealbhaidh Ghàidhlig.

 

Chaidh tionndaidhean Gàidhlig a dheasachadh de shanasan agus bileagan fastaidh agus thèid cur riutha as ùr mar a tha iomchaidh.  

 

Trèanadh agus Leasachadh Luchd-obrach   

 

Bheir a’ Chompanaidh brosnachadh agus taic do dhuine sam bith den luchd-obrach aca a tha airson Gàidhlig ionnsachadh no an cuid Gàidhlig a leasachadh, taobh a-staigh agus a-muigh na companaidh.

 

Thèid prìomhachas ann an trèanadh a thoirt do luchd-obrach ann an raointean na seirbheis far a bheilear a’ dèiligeadh gu tric ri luchd-labhairt na Gàidhlig.  

 

Nuair a thathar a’ fastadh luchd-obrach ùr, aig muir agus air tìr, thèid aire a thoirt do fheumalachdan cànain na dreuchd. Thathar an dòchas gum bi seo a’ buntainn cuideachd ri fastadh Buill Bòrd Aiseagan ChalMac Earranta.

 

 

Dàimhean Taobh a-Muigh

 

Thèid goireasan Gàidhlig a thabhann air buidhnean air an do rinneadh luaidh ann am Plana Conaltraidh na Companaidh far a bheil liosta de na buidhnean air an taobh a-muigh leis am bi Aiseagan ChalMac Earr. a’ conaltradh tric. Thèid Gàidhlig a chleachdadh, nuair agus far a bheil sin iomchaidh, anns a’ chonaltradh sin. 

 

 

 

Conaltradh

 

Conaltradh Sgrìobhte

 

Bidh freagairt ChalMac anns an aon chànan ris a’ chonaltradh a fhuair iad.

                       

Cumaidh a’ Chompanaidh stòr-dàta de na daoine agus buidhnean a tha a’ miannachadh conaltradh a dhèanamh sa Ghàidhlig.    

 

Conaltradh làthaireach

 

Bidh bràistean-ainme a`comharrachadh luchd-obrach le Gàidhlig. Thèid seo a ghabhail a-steach don Sgrùdadh Stòrasan.  

 

 

Tha CalMac ro-dheònach beachdan fhaighinn bho bhuidhnean no neach sam bith aig a bheil comhairle no rùn thaobh is mar a tha sinn gu bhith a’ coileanadh ar dleastanas agus mar bhios sinn a’ cur a’ phlana an gnìomh.

 

 

 

A’ Chrìoch.

 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu shusbaint an Fhios Naidheachd seo, cuir fios gu Ùisdean MacGillInnein, Ceannard Conaltraidh agus Cùram Luchd-cleachdaidh, Aiseagan ChalMac Earranta. Fòn: 0776 435 4021; post-d: hugh.maclennan@calmac.co.uk

 

Is e ainmean-malairt de Aiseagan ChalMac Earranta a tha ann an Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus CalMac.

 

Air fhoillseachadh: Diciadain, 21 Màrt, 2007 1700.