| Aiseagan ChalMac a’ tairgse son seirbheisean Chluaidh is nan Eilean | |
| 10 May 2007 Chuir Aiseagan ChalMac Earranta (CFL) an diugh a-steach tairgse foirmeil airson Seirbheisean Aiseig Chluaidh is Innse Gall (CHFS), a-rèir nam modhan a chaidh an cur an cèill anns an Iarrtas Thairgsean (ITT) bho Riaghaltas na h-Alba. Thuirt cathraiche Aiseagan ChalMac Peter Timms anns a’ Gheàrr-chunntas Luchd-gnìomha: “’S e toradh de shia bliadhna de dh’obair chruaidh a th’ anns an tairgse seo. Chuir bòrd CFL an gnìomh ath-structaradh iomlan a’ chompanaidh rè na h-ùine seo agus thug sin atharrachadh mòr air an stiùireadh agus an obrachadh làitheil aig an aon àm. Saoilidh mi gun do chuir sinn ri chèile tairgse a tha a’ tabhann luach an airgid air bun-stèidh nan atharrachaidhean seo, a’ gabhail a-staigh 150 bliadhna a dh’eòlas air obrachadh ann an sgìre CHFS, a tha a’ coileanadh gach rud a dh’iarr Sònrachadh na Seirbheise.” Lean Mgr Timms: “Tha Aithris Rùintean CFL a’ mìneachadh cho cudromach sa tha e dhuinn gum bi sinn a’ tairgse seirbheis a tha cinnteach, aig àrd-ìre agus ag amas gu dìreach air feumalachdan agus comhfhurtachd an luchd-cleachdaidh. Tha luach an airgid ann do ar luchd-cleachdaidh, agus saoghal a tha taiceil dhan luchd-obrach agus aig an aon àm a’ dìon na h-àrainneachd. Tha sinn dealasach ann a bhith leantainn àrd-ìrean-stiùiridh, agus se ar rùn a bhith aithnichte mar chompanaidh aiseag as fheàrr san UK. Beachdaichear air an tairgse a-nis a-rèir nam modhan a chaidh an cur an cèill leis an Riaghaltas is cha toir Aiseagan ChalMac Earranta iomradh air an tairgse no a susbaint tuilleadh gus an tig am breithneachadh gu crìoch. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun fhios-naidheachd seo, cuir fios gu Ùisdean MacIllinnein, Ceannard Conaltraidh is Seirbheisean Poblach, Aiseagan ChalMac Earranta. Fòn: 0776 435 4021; post-d hugh.maclennan@calmac.co.uk.
Foillsichte: DiarDaoin, 10 Cèitean, 2005 : 1400 | |
