| Text Only Version | Site map | Print this Page |
Islands and Routes | Timetables and Fares | Book Online
Booking Hotline08000 66 5000
CalMac a’ fosgladh oifis ùr anns a’ Ghearastan
30 May 2007

Tha companaidh bhàtaichean-aiseig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air oifis ùr fhosgladh sa Ghearastan airson an cuid obrach a leasachadh ann an sgìre Loch Abar agus ann an sgìrean eile feadh na Gàidhealtachd is nan eilean.  Dh’fhosgail Tour Shop ChalMac, a tha stèidhichte ann an ionad rèile is còmhdhail a’ Ghearastain, an t-seachdain seo agus bidh i a’ tabhann làn ghoireasan clàraidh, thiocaidean is margaidheachd ChalMac. 

 

Thèid an oifis fhosgladh gu foirmeil Dimàirt, 5 Òg-mhìos le Cathraiche HITRANS, Teàrlach King.  Chuir e fàilte air an oifis ùr ag ràdh: "Tha fosgladh TourSho ChalMac, ann an Ionad Chòmhdhail a’ Ghearastain, gu bhith na shochair air leth, chan ann a-mhàin do Loch Abar fhèin ach don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan air fad.   Tha e air leth cudromach gu bheil an oifis suidhichte far a bheil i agus tha i a’ cur gu mòr ris an ath-leasachadh £700,000 air Stèisean Rèile a’ Ghearastain, airson a dhèanamh na ionad-siubhail ioma-meadhain.  Chan eil e ach nàdarra, agus an t-ionad air a shuidheachadh aig beul Rathad nan Eilean, gu faigheadh daoine fiosrachadh agus tiocaidean ann airson bhàtaichean-aiseig do na h-eileanan air fad."

 

Bidh Manaidsear Roinneil Innse-gall Dàibhidh Mac an Tàilleir agus sgioba de thriùir ag obair anns an Tour Shop, a’ leantainn deagh eisimpleir leithid eile de dh’oifis a tha a’ soirbheachadh ann an Ionad-Aiseig an Òbain.  Bidh ceangal dlùth aig oifis ùr a’ Ghearastain ri oifis Inbhir Nis, a tha cuideachd ga comharrachadh mar Tour Shop. 

 

Thuirt Dàibhidh Mac an Tàilleir: "Seo toiseach tòiseachaidh as ùr airson na Tour Shops aig na prìomh chroisean-rathaid do luchd-turais air feadh sgìre obrachaidh ChalMac, agus tha e aig cridhe na roi-innleachd gnothaich againn gun stèidhich sinn suaicheantas làidir don chompanaidh ann an sgìre Loch Abar agus ann an Inbhir Nis.  Is e aon de na prìomh amasan againn gun tèid aire a thogail mu sheirbheisean agus cinn-uidhe ChalMac am measg dhaoine a’ tadhal air Loch Abar, tro shanasachd nas fheàrr agus barrachd aire a thogail sa choimhearsnachd, agus bidh sinn ag obair còmhla ris a’ choimhearsnachd airson sin a thoirt gu buil.”

 

Thuirt Susan Paterson, Manaidsear Margaidheachd ChalMac: “Tha sinn mothachail gu bheil luchd-turais a bhios a’ dol tro ionadan-tadhail Visit Scotland sa Ghàidhealtachd a’ leigeil fios gur e prìomh chrois-rathaid a th’ anns a’ Ghearastan airson daoine a tha air làithean-saora air Cost an Iar na h-Alba. Ged a tha am baile fhèin na cheann-uidhe do iomadh neach, tha an Gearastan cuideachd na àite far am bi luchd-turais a’ faighinn fiosrachadh agus a’ breithneachadh air càite eile an tèid iad, gu h-àraidh daoine le càr.  Tha seo a’ toirt cothrom do ChalMac buaidh a thoirt air mòran daoine (bidh mu 700,000 a’ tadhal air sgìre Loch Abar gach bliadhna) gus turas a ghabhail do Innse-gall, tro bharrachd fiosrachaidh mu dheidhinn bhàtaichean-aiseig agus turasachd nan eileanan. Tha an Gearastan suidhichte ann am fìor dheagh àite airson ceanglaichean a dhèanamh chun Eilein Sgìtheanaich, Muile agus dhan Òban, agus iomadh cothrom airson turasan a chur air dòigh, a bhios sinne a’ sanasachd.”

 

Tha companaidhean turais/bhusaichean air mòran a thasgadh ann an sgìre Loch Abar o chionn ghoirid (thairis air crìochan baile a’ Ghearastain cho fada ri Drochaid Ruaidh), a’ ceannach àireamh shusbainteach de thaighean-òsta. Tha companaidhean bhusaichean air a ràdh mar-thà gum biodh iad toilichte gabhail ri turasan agus cuairtean ùra, gu h-àraidh chun Eilein Sgitheanaich, Na h-Eileanan Beaga agus air feadh Àird nam Murchan a Mhuile agus Ì, a’ cleachdadh a’ Ghearastain mar àite-tòiseachaidh airson turasan latha.  

 

Cha bu chòir a dhì-chuimhneachadh a bharrachd gu bheil mòran dhaoine a bhuineas do na h-Eileanan Siar a’ fuireach anns a’ Ghearastan agus Loch Abar a tha fhathast a’ cumail ceangal làidir ri na h-àiteachan dom buin iad. 

 

Bidh buaidh aig grunn thachartasan mòra air an t-suidheachadh seo gu h-ionadail ann an 2007, leithid a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios anns a’ Ghearastan, agus Bliadhna Cultar na Gàidhealtachd 2007, prìomh fhèis sa bheil Caledonian Mac a’ Bhriuthainn na Chom-pàirtiche Concordat. Tha Cearcall na Gàidhlig cuideachd na chothrom mòr airson leasachadh san àm ri teachd.

 

Bidh oifis ùr a’ Ghearastain fosgailte Diluain gu Disathairne bho naoi sa mhadainn gu uair feasgar agus an uairsin bho dha gu leth uair an dèidh còig. Se àireamh a fòn 01397 705285 agus am facs 01397 706113.

 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Fhios Naidheachd seo, cuiribh fios gu Ùisdean MacIllinnein, Ceannard Conaltraidh agus Cùram Luchd-cleachdaidh, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn. Fòn: 0776 435 4021; post-d hugh.maclennan@calmac.co.uk.

 

Air a sgaoileadh:  Diciadain, 30 Cèitean, 2007  : 1100