| Text Only Version | Site map | Print this Page |
Islands and Routes | Timetables and Fares | Book Online
Booking Hotline08000 66 5000
CÒIG SLIGHEAN ÙRA MAR THORADH AIR SOIRBHEACHAS NAN CEARCAILL GHÀIDHLIG
19 October 2007

Tha turas gu cridhe saoghal na Gàidhlig air a bhith cho soirbheachail ’s gu bheil còig turasan ùra gu bhith air an cur air bhog.

 

Chaidh a’ chiad Chearcall na Gàidhlig fhoillseachadh san Iuchar agus tha e stèidhichte air slighe Island Hopscotch Chaledonian Mhic a’ Bhruthainn a tha a’ gabhail a-steach an t-Òban, Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a Deas, Beinn na Fadhla, Uibhist a Tuath, an t-Eilean Sgìtheanach agus Malaig.

 

Tha còrr air 300 gnìomhachas air taic a thoirt don chiad Chearcall agus chaidh còrr air 20,000 leabhar fiosrachaidh àlainn mun turas a thoirt seachad. Sna leabhraichean tha cunntas cliùiteach le Aonghas Pàdraig Caimbeul, sgrìobhadair agus actair ainmeil Gàidhlig, a tha a’ toirt iomradh air an t-slighe a rinn e fhèin gu pearsanta air a’ chiad Chearcall.

 

Bidh na h-ath chòig Cearcaill na Gàidhlig air am foillseachadh tràth sa bhliadhna ùir agus gus cur ris na slighean sin tha còig Albannaich chliùiteach is shoirbheachail air aontachadh sgrìobhadh mu na fiosrachaidhean aca fhèin a’ siubhal air na slighean ùra seo. Bidh na sgrìobhadairean seo air an ainmeachadh nuair a bhios na Cearcaill air an cur air bhog.

 

’S e Joe Mac a’ Phì, Manaidsear Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, a tha air a’ phròiseact seo a cho-òrdanachadh às leth nan com-pàirtichean eile. Tha e ag ràdh gu bheil an iomairt seo air a bhith air leth soirbheachail:

 

“Tha na Cearcaill, Cearcaill na Gàidhlig air a bhith na stèidh inntinneach a tha air raon de chom-pàirtichean a thoirt ri chèile gus innleachd turasachd air leth a chruthachadh.

 

“Tha a’ chiad turas air còrdadh gu mòr ri daoine agus leis gu bheil 300 gnìomhachas ionadail air feadh an t-slighe air taic a chur ris le bhith nan com-pàirtichean air dearbhadh gum faod buannachdan a bhith na chois.

 

“Tha e na thoileachas mòr dhomh a bhith ag ainmeachadh còig Cearcaill na Gàidhlig ùra a leudaicheas seo gu barrachd dhaoine ann am barrachd àiteachan. ’S e cànan gun shamhail a tha sa Ghàidhlig le dualchas gun shamhail. Tha sinn a-nis a’ leudachadh an eòlais seo a-mach chun t-saoghail mhòir agus a’ brosnachadh dhaoine gus faighinn a-mach mu rud dìomhair agus eachdraidheil ann an dòigh ùr, inntinneach.

 

“Bidh na h-ath chòig Chearcaill air am foillseachadh an ath bhliadhna agus ainmeachaidh sinn na còig Albannaich a tha air aontachadh aithisgean air leth a sgrìobhadh airson gach turas. ’S e cothrom mòr a tha seo airson na Gàidhlig agus airson turasachd ann an Alba agus tha sinn an dòchas gum bi na còig Chearcaill a tha seo cho soirbheachail ris a’ chiad Chearcall.”

 

FIOS AIRSON LUCHD-NAIDHEACHD

 

 • ’S iad na com-pàirtichean ann am pròiseact Cearcaill na Gàidhlig: Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, VisitScotland agus Hi Trans.

• Dh’fhoillsich Caledonian Mac a’ Bhruthainn an leabhran Explore 2008 aig a’ Mhòd air Diardaoin 18 Dàmhair.

• Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhal air www.gaelic-rings.com

• Fios bho Martin Osler, Osler Media air 07739185522 no martin@oslermedia.com Comhairle nan Eilean Siar, Sandwick Road, Stornoway, Isle of Lewis HS1 2BW Tel: 01851 70 9277 Email: info@gaelic-rings.com Comhairle nan Eilean Siar