| Text Only Version | Site map | Print this Page |
Islands and Routes | Timetables and Fares | Online Booking
Booking Hotline08000 66 5000
Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cur fàilte air dearbhadh sgeama pìolatach Cìs Ionann Rathaid
27 February 2008

Tha an gnìomhaiche aiseig Caledonian Mac a' Bhriuthainn air fàilte a chur
air an dearbhadh a thug Ministear na Còmhdhail, Stiùbhart Stevenson BPA,
an-diugh (Dimàirt, 26 Gearran) gun tèid sgeama pìolatachCìs Ionann Rathaid
(CIR) a thoirt a-steach sna h-Eileanan Siar.


Tha an sgeama pìolatach, a ghabhas a-steach na slighean uile bhon tìr mhòr
chun nan Eileanan Siar, ag amas air a bhith a' toirt seachad faraidhean
aiseig lùghdaichte airson coimhearsnachdan eileanach na h-Alba.  Bidh a'
chiad cheum a' gabhail a-steach sgrùdadh gus an structar as èifeachdaiche
is as seasmhaiche airson Cìs Ionann Rathaid (CIR) a stèidheachadh airson
sgeama pìolatach gus faraidhean aiseig a shuidheachadh ann an Alba.


A' bruidhinn ann an Steòrnabhagh, far an do chuir am Ministear an sgeama
air bhog, thuirt Cathraiche ChalMac Peter Timms:  "Tha sinn a' cur fàilte
air soilleireachadh mionaideach den sgeama a thathar a' moladh, agus tha
sinn a-nis a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na
co-chomhairlichean agus ri Riaghaltas na h-Alba gus seo a leasachadh do
fhrèam làidir a bhios deiseil airson a chur an gnìomh bho thoiseach
clàr-ama a' gheamhraidh san Dàmhair.  Tha CalMac a' cur làn thaic ri
iomairt sam bith a chuidicheas gus ath-bheothachadh a thoirt air
eaconamaidhean nan eilean a tha sinn a' frithealadh, tro thrafaig
mheudaichte agus faraidhean aig prìs ruigsinneach.  Tha an sgeama, mar a
thathar ga mholadh, a' toirt dhùbhlain mhòra do ChalMac, ach tha mi
cinnteach gum faigh sinn thairis orra.  Ach, bidh feum againn air grunn
mhìosan gus an obair bhunaiteach a dheasachadh mus tèid a thoirt a-steach.
Tha sinn a-nis soilleir mu na dh'fheumas a bhith air a dhèanamh agus tha
am pròiseas a thaobh a bhith ag atharrachadh nan siostaman againn air
tòiseachadh mar-thà."

 

Is iad slighean an sgrùdaidh phìolatach: Ulapul gu Steòrnabhagh, Ùige chun
an Tairbeart (Na Hearadh)/Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath) agus An t-Òban
gu Bàgh a' Chaisteil (Barraigh) agus Loch Bàghasdail (Uibhist a Deas), a'
gabhail a-steach An t-Òban gu Colla agus Tiriodh.

 

Cha bhi an dà sheirbheis eadar-eilein a tha CalMac ag obrachadh thar
Chaolasan Na Hearadh is Bharraigh, sna h-Eileanan Siar, air an gabhail
a-steach sa phìolat seach gu bheilear den bheachd gu bheil iad ro ghoirid
airson a bhith freagarrach.

 

Cha bhi na faraidhean air na ceumannan eadar-eilein (eadar Bàgh a'
Chaisteil agus Loch Baghasdail agus An Tairbeart gu Loch nam Madadh) aig
reataichean CIR ach thèid an suidheachadh aig an aon ìre ri faraidhean
Chaolas Bharraigh is Na Hearadh.

 

Chaidh faid gach slighe a tha gu bhith air a chleachdadh ann an
àireamhachadh faradh CIR a shònrachadh le co-chomhairlichean.  Nì CalMac
cunntas air na faraidhean ùra air bun-stèidh an fhiosrachaidh is an dàta a
bheir na co-chomhairlichean dhaibh.


Fanaidh faraidhean airson sgìrean nach eil air an gabhail a-steach fo
sgeama phìolatach a' CIR mar a tha iad air am foillseachadh le CalMac agus
bidh iad fo ùmhlachd àrdachaidhean bliadhnail, a rèir nan cumhaichean a
tha air am mìneachadh ann an cunnradh Chluaidh is Innse Gall.  Leanaidh an
sgeama fharaidhean a tha ann an-dràsta, agus na cumhaichean làithreach
uile, air adhart ann an sgìrean nach eil fon phìolat.  Cha tèid àrdachadh
bliadhnail a bhuileachadh ann an sgìrean pìolat CIR ann an 2009.  A dèidh
sin, bidh na faraidhean CIR fo ùmhlachd àrdachadh bliadhnail, mar a bhios
na faraidhean sa chòrr den lìonradh.

 

Tòisichidh sgeama pìolatach CIR air 19 Dàmhair 2008, aig toiseach clàr-ama
a' gheamhraidh, agus ruithidh e gu Earrach 2011.  Bheir seo cothrom
measadh a dhèanamh air a chuid èifeachdais, agus seaghan matha no dona sam
bith a dh'fhaodadh a bhith aig sgeama CIR aithneachadh.  Bidh seo a'
gabhail a-steach cruinneachadh staitistig thrafaig is fiosrachadh bho, mar
eisimpleir, luchd-cleachdaidh aiseagan agus luchd-fastaidh ionadail (a'
gabhail a-steach nan earrannan giùlan-bathair is turasachd), air a
dhealbhachadh gus measadh a dhèanamh air buaidh a' phìolait (gu h-àraid
ann an seagh eaconamach is sòisealta).

 

Thuirt Stiùiriche Obrachaidhean ChalMac, Phil Preston: "Thèid
mion-fhiosrachadh mun sgeama CIR obrachadh a-mach cho luath 's a ghabhas
gus na faraidhean a thèid a bhuileachadh bho 19 Dàmhair a shealltainn. Tha
sinn an dùil gum bi an siostam clàrachaidh againn airson charbadan
fosgailte bho dheireadh an Lùnasdail agus tha tòrr obrach ann a dh'fheumas
a bhith air a dhèanamh a-nis gus cumadh nan clàran-ama is litreachas taice
eile ath-dhealbhachadh, a bharrachd air an obair a dh'fheumas a bhith air
a dhèanamh gus ath-fòcas a dhèanamh air an t-siostam thiocaidean fhèin.
Bidh an siostam fharaidhean ùr furasta agus sìmplidh agus cuidichidh e gus
duilgheadasan a tha air a bhith againn, airson adhbharan eachdraidheil, a
chur an dàrna taobh.  Is e siostam cothromach a tha ann agus bidh e
follaiseach, is ri fhaotainn do gach neach a bhios a' siubhal air stèidh
chothromach.  Chì sinn fhathast a' bhuaidh a bhios aig an rèim ùr air
pàtrain còmhdhail agus sruthadh trafaig.  Obraichidh sinn gu dlùth leis na
co-chomhairlichean gus sùil a chumail air a sin air stèidh leantainneach."

 

Thèid fiosrachadh iomlan mu atharrachaidhean don rèim thiocaidean is
phrìsean ann an sgeama pìolatach an CIR, agus freagairtean cuid de na
ceistean a dh'fhaodadh a bhith a' cur feum air tuilleadh mìneachaidh, a
chur air làrach-lìn CalMac - www.calmac.co.uk ? as dèidh coinneamh an
luchd-ùidh a thèid a chumail ann an Inbhir Nis a-màireach (Diciadain, 27
Gearran).  Bidh solarachadh san làrach-lìn cuideachd airson leigeil le
luchd-ceannach ceistean fhoighneachd mun sgeama ùr.

 

An-dràsta, tha CalMac air dearbhadh nach bi tiocaidean ioma-shlighe rim
faotainn seach gun deach na faraidhean CIR san sgìre phìolatach a
chuibhreachadh aig ìre nach toir bàrr air an fharadh as saoire a tha ri
fhaotainn an-dràsta tro thiocaidean ioma-shlighe.  Faodaidh
luchd-ceannach, a tha air na tiocaidean ioma-shlighe aca a cheannach ro
thoiseach an sgeama san sgìre phìolat, na tiocaidean aca a chleachdadh
airson nan slighean àraid sin, ach chan fhaigh iad airgead air ais.

 


Ach a-mhàin lùghdachaidhean Riaghaltas na h-Alba (nàiseanta) agus
lùghdachaidhean maoinichte le ùghdarrasan ionadail airson seann daoine,
daoine dall agus clann, agus lùghdachadh luchd-giùlain bathair airson a
bhith a' cleachdadh MV Mùirneag, le toirt a-steach faraidhean CIR sna
sgìrean pìolatach, thèid cur às do lùghdachaidhean is rèiteachaidhean
sònraichte eile uile a tha an-dràsta rim faotainn air slighean, leithid
lùghdachaidhean luchd nan eilean, tiocaidean ioma-shlighe, lùghdachadh 50%
airson charbadan nach eil fo chìs, sgeama lùghdachaidh an luchd-malairt,
lùghdachaidhean àiteachais, agus cuideachd reataichean ITX airson
òsdairean/àidseantan siubhail.

 

Thathar a' cumail an lùghdachadh 50% airson charbadan nach eil fo chìs,
anns na sgìrean eile uile seach sgìre a' phìolait.

 

Thèid lùghdachaidhean làithreach uile a chumail sna sgìrean nach eil fon
phìolat seach gu bheil iad air an sònrachadh sa Chunnradh Seirbheis
Phoblach (PSC) eadar Riaghaltas na h-Alba agus CalMac a tha a' riaghladh
lìbhrigeadh nan seirbheisean aiseig ann an Cluaidh is Innse Gall.

 


Crìoch


NOTAICHEAN AIRSON LUCHD-DEASACHAIDH NAIDHEACHD

1. Tha caochlaideachd ann a thaobh dè a dh'fhaodadh a bhith ann an CIR.
Mar as trice tha Cìs Ionann Rathaid (CIR) a' gabbhail a-steach a bhith a' suidheachadh
fharaidhean a tha a' buntainn ri, ach nach eil gu riatanach co-ionann ri, cosgais a bhith
a' siubhal air an rathad.  Tha tòrr a' faicinn faraidhean aiseig mar chnap-starra an aghaidh
fàs eaconamach sna h-eileanan.

Thathar den bheachd gun toireadh lùghdachadh air faraidhean, gu ìre a tha
san fharsaingeachd co-ionann ri cosgaisean trafaig air an tìr-mhòr,
spionnadh mòr do choimhearsnachdan eileanach le bhith a' lùghdachadh
chosgaisean giùlain bathair do ghnothachasan ionadail, a' lùghdachadh
chosgaisean fuirich do luchd-còmhnaidh nan eilean agus a' dèanamh nan
eileanan nas tarraingiche do luchd-turais.

2. Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh le co-chomhairlichean le eòlas speisealta
air còmhdhail agus eaconamaidh.  Tha iad a' moladh gum bu chòir do na
faraidhean a bhith a' gabhail a-steach cosgais bunaiteach a bharrachd air
reata CIR mar a thathar a' mìneachadh gu h-ìseal:

 
  Reata bunaiteach Reata CIR
Luchd-siubhail air chois £2 10sg gach mìle
Càraichean £5 60sg gach mìle
Carbadan Coimearsalta (CCan) £20 18sg gach meatair lanaig gach mìle

 

3. Tha an 60sg gach mìle a tha na co-chomhairlichean a' moladh coimeasach
san fharsaingeachd ri cosgais a bhith a' ruith càr teaghlaich cuibheasach,
a rèir an dà chuid an AA agus an RAC.


4.  Bidh na cosgaisean a thathar a' moladh airson nan tiocaidean singilte
gu math nas lugha na, no co-dhiù co-ionann ris, an fheadhainn a tha rim
faotainn an-dràsta nuair a tha na lùghdachaidhean uile air am buileachadh,
a' gabhail a-steach tiocaidean ioma-shlighe.  Tha seo a' ciallachadh nach
fheum luchd-siubhail tiocaidean ioma-shlighe a cheannach gus buannachd
fhaighinn à faraidhean lùghdaichte.


5. Cuiridh na co-chomhairlichean crìoch air na molaidhean aca airson an
sgrùdaidh phìolatach thairis air a' mhios a tha romhainn, agus obraichidh
iad le oifigearan Riaghaltas na h-Alba agus Aiseagan ChalMac Earranta gus
an sgrùdadh phìolatach a bhuileachadh san Dàmhair 2008.  Nì
co-chomhairlichean aithris air an anailis mhionaideach is na toraidhean
aca aig coinneamh den phrìomh bhuidheann luchd-ùidh a chaidh a
stèidheachadh gus tabhartas a chur ris an sgrùdadh.


Tha am prìomh buidheann luchd-ùidh air a dhèanamh suas de
dh'àrd-riochdairean de dh'ùghdarrasan ionadail, com-pàirteachasan
còmhdhail roinneil agus gnìomhaichean aiseig.


6. Bidh treas ìre an sgrùdaidh a' gabhail a-steach measadh den phìolat, a'
dèanamh feum den fhiosrachadh a thathar a' cruinneachadh tro na
h-eacarsaichean bun-loidhne is sgrùdaidh.  A bharrachd air a bhith a'
measadh buaidh a' phìolait, nì am measadh oidhirp air a bhith a' tomhas an
dà chuid na cosgaisean agus na buannachdan a thigeadh, nam b' e rud e is
gun deidheadh CIR a bhuileachadh air stèidh maireannach, is air a
sgaoileadh gu slighean aiseig eile air lìonraidhean Chluaidh is Innse Gall
is nan Eileanan Tuath, agus a' bhuaidh a bhiodh aig a seo san ùine-fhada.
Bidh an ìre seo ag amas air cuingealachaidhean comais sam bith a
dh'fhaodadh tighinn bho leudachadh maireannach aithneachadh, agus a'
chosgais a bhiodh an lùib a bhith a' meudachadh comas gus coinneachadh ri
iarrtas a thomhas (m.e. tro shoithchean a bharrachd no nas motha is
bun-structaran ùra air tìr).


Crìoch

Airson ceistean uile no tuilleadh fiosrachaidh mu shusbaint an Fhios
Naidheachd seo, cuir fios gu Ùisdean MacGillinnein, Stiùiriche
Conaltraidh, Caledonian Mac a' Bhriuthainn.  Fòn: 0776 435 4021;
post-d hugh.maclennan@calmac.co.uk

Is e ainmeannan malairt de Aiseagan ChalMac Earranta a tha ann an
Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus CalMac.

Lìbhrigte:  Dimàirt, 26 Gearran 2008 :  1330