| Text Only Version | Site map | Print this Page |
Islands and Routes | Timetables and Fares | Online Booking
Booking Hotline08000 66 5000
Buidheann Dhaibhidh Mhic a’ Bhriuthainn a’ cur fàilte air Sgrùdadh an Aonaidh Eòrpaich
16 April 2008

Tha Daibhidh Mac a’ Bhriuthainn Earranta air fàilte a chur air an dearbhadh gu bheil an Coimisean Eòrpach air co-dhùnadh a’ dol a’ sgrùdadh ceistean mu thimchell taic shubsadaidh bho Riaghaltas na h-Alba. Tha Buidheann Dhaibhidh Mhic a’ Bhriuthainn a’ gabhail a-steach Aiseagan NorthLink Earranta agus Aiseagan ChalMac Earranta, agus a’ solarachadh seirbheisean aiseig Chluaidh & Innse Gall, Guireag – Dùn Omhain agus nan Eileanan Tuath.

 

Thuirt Peter Timms, Cathraiche Buidheann Dhaibhidh Mhic a’ Bhriuthainn: “Bidh sinn toilichte co-obrachadh leis an sgrùdadh formeil seo agus cuidichidh sinn Riaghaltas na h-Alba gus am fiosrachadh uile a tha a dhìth gus amasan an sgrùdaidh a choileanadh a thoirt don Choimisean.”

 

“Tha sinn làn thuigsinn nan ceistean a tha an lùib seo agus gu bheil feum aig a’ Choimisean air tuilleadh fiosrachaidh gus dèanamh cinnteach nach eil na h-innleachan ionmhais a chaidh a chleachdadh sna bliadhnaichean mu dheireadh a’ dol an aghaidh riaghailtean maoineachaidh. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air an dearbhadh gu bheil luchd-sgrùdaidh an EU mothachail gu bheil na slighean aiseig a tha a’chompanaidh againn a’ frithealadh do choimhearsnachdan iomallach ann an Alba fìor chudromach do na coimhearsnachdan sin.

 

Bha e riamh na phrìomhachas dhuinn na seirbheisean do na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh a chumail suas agus a leasachadh, agus tha sinn an dòchas gun soilleirich an sgrùdadh seo ceistean sam bith mu na dòighean sa bheil na seirbheisean seo air am maoineachadh agus mar a tha sinne ag obair.”

 

Crìoch

Airson ceistean uile mu shusbaint na Naidheachd seo, cuiribh fios gu Ùisdean Mac Gill-Innein, Stiùiriche Conaltraidh, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn. Fòn: 0776 435 4021; post-d hugh.maclennan@calmac.co.uk.

Is e ainmeannan-malairt de Aiseagan ChalMac Earranta a tha ann an Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus CalMac.

Foillsichte: Diciadain, 16 Giblean, 2008 : 1430