
Faic cuid de na h-eileanan as bòidhche ann an Alba ann an aon latha le Caledonian Mac a’ Bhriuthainn. Thig air turas gu cinn-uidhe air leth, o Arainn ann an Linne Chluaidh gu Leòdhas ann an Innse Gall, le raon roghainnean-siubhail, nam measg turas an dà chuid air coidse is aiseag, agus seòlaidhean gun a bhith a’ dol air tìr idir.

Faic Alba on a’ mhuir agus seòl ann an cofhurtachd nan seòmraichean-socrachaidh sgeadaichte, nan deicichean-seallaidh agus nan cafaidhean againn.

Dèan deagh fheum dhen latha agad le cleasan is clàran-siubhail airson turas-eilein air am bi cuimhn’ agad gu bràth.

Turasan-latha le aiseag is coidse gu Muile & Eilean Ì, Colla, Barraigh, Stafa, Na h-Eileanan Treisnis agus Ulbha.

Turasan-latha le aiseag is coidse gu Ìle, Giogha, Colbhasa, An t-Òban, Arainn, Bòd, Cumaradh, agus Rubhannan Chinn Tìre is Chòmhghall.

Turasan-latha le aiseag is coidse gu Uibhist a Tuath, Na Hearadh, Leòdhas, Eige, Eilean nam Muc, Rùm agus Canaigh.

Turasan-latha le aiseag is coidse don Eilean Sgitheanach, gu Eige, Eilean nam Muc, Rùm agus Canaigh.
Thoir an aire: tha turasan eagaraichte rim faotainn rè clàr-ama an t-samhraidh a-mhàin ach is urrainn dhut an clàr-siubhail agad fhèin a chur air dòigh le turas-tillidh air na seòlaidhean clàraichte againn fad na bliadhna. Tha leabhrain-reic Turas-latha air an toirt seachad airson fiosrachadh a-mhàin. Bidh Turasan Là 2011 ùra rim faicinn air-loidhne sa Bhliadhn’ Ùir.
We visited Rum in May 2009 and what a fantastic place it is. While we were there we met wild mountain goats and saw 2 golden eagles circling each other over a hill top.
D. Allen, Lancashire, England