CalMac Gaelic Plan 2007
A chàirdean, Mar a bhios fios agaibh, sdòcha, chuir Aiseagan ChalMac Earranta (CalMac) fàilte air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus am brath bho Bhòrd na Gàidhlig, fo Earrann 3 den Achd, a bha ga chur mar fhiachaibh air Caledonian Mac a’ Bhriuthainn obair còmhla ris a’ Bhòrd airson Plana Gàidhlig a dheasachadh agus a chur an gnìomh ann an 2007/08.
Ged as e Aiseagan ChalMac Earr. a tha a’ foillseachadh a’ phlana seo, tha e cuideachd a’ buntainn ri Maoin Mara Chaledonian Earr. (Caledonian Maritime Assets Ltd - CMAL) agus companaidhean co-cheangailte, CalMac HR (UK) Earr, Sgioban ChalMac (Guernsey) Earr., Aiseagan Chòmhghaill Earr. agus Aiseagan Reachraidh Earr.
Rinneadh luaidh sònraichte air riatanasan cànain anns an t-sireadh thairgsean (ITT) airson seirbheisean riatanach aiseig agus puirt a chuir Ministearan na h-Alba a-mach anns an Dùbhlachd 2006. Chan e a-mhàin gun coilean CalMac na riatanasan seo ach, a thaobh na Gàidhlig, tha sinn an dùil barrachd a dhèanamh na chaidh iarraidh oirnn.
Tha sinne mar chompanaidh ag aontachadh gu dlùth ri amasan agus miannan Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn den bheachd gu bheil an dàimh tharbhach eadar cultar, eaconamaidh, dreach-tìre, eachdraidh, dualchas agus an t-seirbheis luachmhor a tha sinn fhìn a’ sìor-lìbhrigeadh a’ toirt deagh chothrom do ChalMac, mar bhuidheann mharsanta phoblach, cur ri saoghal na Gàidhlig ann an dòigh bhrìoghmhor, gu h-àraidh a thaobh turasachd chultarach a bhrosnachadh agus barrachd cheanglaichean leis a’ choimhearsnachd. Tha e cudromach don chompanaidh gum bi an luchd-caitheimh gar faicinn mar bhuidheann dhà-chànanach.
Tha am plana seo ga fhoillseachadh mar Ìre 1 de phròiseas leantainneach. Bidh an ìre seo crìochnaichte, airson na mòr-chuid, air 31 Màrt 2007.
Tha CalMac ro-dheònach beachdan fhaighinn bho bhuidhnean no neach sam bith aig a bheil Comhairle no rùn thaobh is mar a tha sinn gu bhith a’ coileanadh ar dleastanas agus mar bhios sinn a’ cur a’ phlana an gnìomh.
Leis gach deagh dhurachd,
Uisdean MacIllInnein Ceannard Conaltraidh Agus Seirbhisean Poblach Bàtaichean-aiseig ChalMac Earranta
A chàirdean |
|
As you may be aware, CalMac Ferries Limited (CalMac) has previously welcomed the Gaelic Language (Scotland) Act of 2005 and the subsequent notification by Bòrd na Gàidhlig, under Section 3 of the Act, requiring Caledonian MacBrayne to work with the Bòrd to prepare and implement a Gaelic Language Plan in 2007/08.
The Plan has now been published by CalMac Ferries Ltd., as a work in progress and for public consideration. it also applies to Caledonian Maritime Assets Ltd and associated companies, CalMac HR (UK) Ltd, CalMac Crewing (Guernsey) Ltd, Cowal Ferries Ltd and Rathlin Ferries Ltd.
The Invitation to Tender (ITT) to provide lifeline ferry and associated harbour services issued by Scottish Ministers in December 2006 included a specific reference to language requirements. It is CalMac’s intention not only to meet these requirements, but also to exceed the ones pertaining to Gaelic.
We identify closely with the aims and aspirations of Bòrd na Gàidhlig. We believe that the synergy of culture, economy, geography, history, tradition, combined with our own continuation of valuable service, places CalMac, as a public commercial entity, in a strong position to make a positive and meaningful contribution to Gaelic, particularly in initiatives such as the promotion of cultural tourism and enhanced contact with the community. It is important to the company that its customers perceive it to have a bilingual corporate identity.
This plan is submitted as Phase 1 of an ongoing process. This phase will be substantially complete by 31 March 2007.
CalMac would be interested to hear from any individuals or organisations with comments to make about the plan.
Leis gach deagh dhurachd,
Hugh Dan MacLennan Head of Communication And Customer Care |
Download time approx. 6m 26s at 28 Kbps Download time approx. 3m 13s at 56 Kbps Download time approx. 1m 25s at 128 Kbps Download time approx. 0m 21s at 512 Kbps
Download time approx. 6m 58s at 28 Kbps Download time approx. 3m 59s at 56 Kbps Download time approx. 1m 19s at 128 Kbps Download time approx. 0m 19s at 512 Kbps
