Keep up to date

12/10/2015

5 minutes with Shona MacLellan on her #ModJourney

ModBanner

 

 

Mo thuras dhan Mhòd 

'Se an Dàmhair a th' ann mu thràth agus tha sin a' ciallachadh gu bheil a' Mhòd Nàiseanta Rioghail a' tachairt a-rithist.  Am bliadhna, 's ann anns an Òban a bhitheas an cruinneachadh as motha a th'ann airson na Gàidheil. Ged a tha mise à Uibhist a Deas, tha mi a-nis a' fuireach ann an Leòdhas. Airson faighinn dhan Òban, bha agam ri dà bhàta fhaighinn. Mar 's abhaist, bha mi trang a' cumail sùil air ciamar a bhiodh an t-sìde airson an t-seachdain agus gu h-àraidh na làithean a bha mi a' siubhail. Gu fortanach, bha an t-sìde math!

Dh' fhag mi Steòrnabhagh feasgar Dihaoine airson a dhol suas gu deas, air a' bhàta- aiseag Loch Bhrusda a tha a' dol eadar an Tob anns na Hearadh agus Eilean Bhèarnaraigh, Uibhist a Tuath an dràsta. 'S toigh leam an t-slighe seo. Tha uidh mhòr agam ann an nàdar agus a h-uile treup a tha mi air bòrd, chi mi eòin-mara. Bha sgarbh agus sulairean a' suidhe air muin a' mhuir agus uairean chitheadh tu na sulairean a' sealg, a' dol mar peilear dhan uisge.

Air an Disathairne, fhuair mi am bàta Righ nan Eilean, neo Lord of the Isles neo an LOTI mar a th'aca oirre! Bhithinn daonnan a' faighinn am bàta seo airson a dhol dhan Mhòd nuair a bha mi beag.  Bha an seòladh eadar Lochbaghasdal agus an t-Òbain sochair agus ged bha mi air còig uairean a thìde, cha do fhaireach mi fada e on a bha rugbaidh air an telebhisean, Alba an aghaidh Samoa. Bhuannaich Alba! An còrr dhen turas bha mi a' tarraing dealbhan on a bha an t-sìde agus an oidhche a' fàs, bha na solais a bha ri fhaicinn nuair a bha sinn a' tighinn a-staigh dhan Òban àlainn.


 

My Mòd Journey

It's October time already and for a lot of us Gaels, it can only mean one thing - it's time for The Royal National Mòd. This year the Mòd takes place in Oban and although I'm from South Uist, I now live in Lewis so my journey to the Mòd this year started there which meant I had to take two ferries. I decided to travel down to Uist (or as we say at home 'up South' - don't ask me why, it's just what we say!) and take the ferry on Friday afternoon from Leverburgh, Harris to Berneray, North Uist. As most people heading to the Mòd, one of our must dos before undertaking our journey is to check the weather forecast. Luckily for me, it's been brilliant weather so no worries on that score.

I love taking the wee ferry from Leverburgh to Berneray, it's only an hour and as I have an interest in wildlife, it's a great trip as you see lots of different seabirds. As the ferry zigzagged across the sound, I saw cormorants and gannets just bobbing up and down on the sea. Sometimes you would see the odd gannet doing its famous dive into the water to catch its dinner, like a bullet into the water.

To complete my journey to Oban, I got the ferry from Lochboisdale to Oban on my old favourite, the Lord of the Isles or the LOTI as she is more affectionately known. This is a boat that brings back lots of memories of previous Mòds and holidays when I was a kid. The journey was great and the five hours past really quickly as the rugby was on, Scotland versus Samoa and Scotland won!

Arriving in Oban was amazing as it was at dusk, perfect chance for me to take some photos of  McCaigs tower all lit up. Oban looks like it's all set for the commotion that is the Royal National Mòd 2015. 


Mu Shona NicIllfhialain

Seo Shona Marie NicIllfhialain. 'S ann a Uibhist a Deas a tha i agus 'se eadar-theangair agus sgrìobhadair Gàidhlig a th' innte a tha air obair rèidio agus telebhisean a dhèanamh cuideachd. 

About Shona MacLellan

This is Shona Marie MacLellan. She is from South Uist and works as a translator and Gaelic writer but she has also done radio and television work too. 

Comments

No comments Add comment
Close Don't show again