Tairgse airson Seirbheis Aiseagan Chluaidh is nan Eilean (SACE) - A' Gleidheadh a' Chùmhnaint

Tairgse airson Seirbheis Aiseagan Chluaidh is nan Eilean (SACE) - A' Gleidheadh a' Chùmhnaint

Cùmhnant airson Seirbheis Aiseagan Chluaidh is nan Eilean (SACE) - Buil na Tairgse

Mar a bhios fios agaibh 's dòcha, tha sinn air a bhith feitheamh ri fios bho Chòmhdhail Alba, airson beagan sheachdainean, mu cò tha a' dol a ghleidheadh an ath chùmhnaint airson Seirbheis Aiseagan Chluaidh is nan Eilean (SACE).

Faodaidh mi innse dhuibh a-nis dè an co-dhùnadh a rinn iad, agus tha e a' toirt toileachas mòr dhomh a ràdh gun do ghlèidh sinne an cùmhnant gus seirbheisean-aiseig a ruith air taobh siar na h-Alba airson an ath 8 bliadhna.

Tha an naidheachd seo a' ciallachadh gur sinne an companaidh a chaidh a roghnachadh gus dà chùmhnant a lìbhrigeadh: Cùmhnant Obrachaidh a lìbhrigeadh do Chòmhdhail Alba agus Cùmhnant Chalaidhean a lìbhrigeadh airson CMAL.

Bidh ùine ann a-nis ris an canar 'eadar-àm'. 'S e a th' anns an eadar-àm, 10 latha a thòisicheas nuair a thèid fios fhoillseachadh a thaobh cò fhuair an cùmhnant/na cùmhnantan, mus tèid an cùmhnant a shoidhnigeadh gu h-oifigeil leis a' chompanaidh a shoirbhich. Tha an ùine sin ann gus cothrom a thoirt do chompanaidhean, nach do shoirbhich leis an tairgse aca, gus cur an aghaidh a' cho-dhùnaidh mus tèid an cùmhnant/na cùmhnantan a shoidhnigeadh.

Tha againn fhathast ri cumail ri aonta dìomhaireachd a th' againn le Còmhdhail Alba. Tha sin a' ciallachadh nach fhaod sinn, san eadar-àm, fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad air na bha san tairgse againn gus am bi ùine an aonta sin seachad gu foirmeil.

Ge-tà, aon uair 's gum bi an ùine laghail seo seachad, faodaidh sinn an uair sin barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad air na geallaidhean a rinn sinn san tairgse shoirbheachail againn. Faodaidh sinn seo a ràdh aig an ìre seo, gun robh na prìomh amasan gu h-ìosal nam pàirt air leth cudromach den tairgse againn.

Cùmhnant nan Seirbheisean-aiseig

Sàbhailteachd aig cridhe ar n-obrach. Nì sinn cinnteach à seo le bhith leasachadh nan sgilean agus nan comasan aig ar luchd-obrach tro ionnsachadh, goireasan is siostaman innleachdach agus tro bhith toirt cumhachd dhaibh. Bidh sin a' ciallachadh gun urrainn dhaibh a bhith a' coileanadh nan dleastanasan aca aig ìre fìor àrd, mar a dh'fheumas iad gus dèanamh cinnteach gum bi sinn ag amas air seirbheisean far nach bi tubaist sam bith ann.

A' faighinn barrachd luach às an airgead a gheibh sinn tro dhiofar iomairtean/modhan-obrach, nam measg tha:

  • A' cur dhòighean-obrach innleachdach an sàs a thaobh ar n-obrach gleidhidh/càraidh. Obraichidh sinn ann an compàirt ri gàrraidhean-iarrainn gus planadh agus clàran-ama a chur air dòigh airson obair ghleidhidh/chàraidh a bhios a' tachairt thairis air ùine fhada.
  • Nì sinn oidhirp gu gnìomhach gus dèanamh cinnteach gum bi criuthaichean gu leòr againn gus frithealadh air an iarrtas a bhios ann bho luchd-siubhail airson sheirbheisean.
  • Nì sinn nas fheàrr a thaobh mar a bhios sinn a' dèiligeadh ri iarrtas, agus bheir sinn seachad seirbheisean air bòrd ar bàtaichean a thaobh bìdh is bhùithtean a tha tarraingeach, iomchaidh agus às am faighear luach an airgid.

A' brosnachadh choimhearsnachdan seasmhach, a' cur ri eaconamaidh a tha fàs agus a' brosnachadh cheanglaichean eadar-nàiseanta. Nì sinn seo le bhith toirt nas urrainn dhuinn de chothroman do ghnothachasan beaga is meadhanach mòr, do ghnothachasan a gheibh taic agus do dh'iomairtean sòisealta gus soirbheachadh. Bheir sinn seachad barrachd chothroman cosnaidh gu h-ionadail, an lùib sin bidh sinn a' tabhann phreantasachdan agus ag obair còmhla ri buidhnean ionadail gus daoine òga agus sean fhastadh agus daoine a tha air a bhith gun obair ùine-fhada.

Bidh sinn nar fastaiche cùramach, a bhios a' cur sùim sna daoine againn agus a' cosg airgead gus na sgilean aca a leasachadh. Nì sinn seo le bhith cumail oirnn a' cosg airgead air Preantasachdan airson Caideatan a tha gu bhith nan Oifigearan agus Criutha airson an Deic agus an Einnsein. Obraichidh sinn gus an teisteanas òir airson IIP (Creideas nar Cosnaichean) a ghleidheadh ro dheireadh a' chùmhnaint seo. Tha sinn air a chur romhainn plana co-ionannachd is iomadachd a thoirt gu buil. Obraichidh sinn còmhla ri buidhnean-trèanaidh mara ionadail, mar OGE agus Colaiste Bhaile Ghlaschu, gus eaconamaidh làidir a stèidheachadh a thaobh trèanadh mara ann an Alba. 

A' toirt piseach air ar seirbheisean do luchd-siubhail le bhith toirt seirbheis seachad bhios a' frithealadh gu dlùth air na feuman aca.Cumaidh sinn oirnn a' dèanamh conaltradh farsaing is cunbhalach ri luchd-siubhail agus coimhearsnachdan gus dèanamh cinnteach gun cùm sinn oirnn a' toirt sàr sheirbheis dhaibh.

Bidh e na amas leantainneach againn gus dòighean-obrach nas seasmhaiche a chur an sàs a thaobh na h-àrainneachd. Bheir sinn taic gu gnìomhach do dh'oidhirpean gus eag-shiostam mara seasmhach a ghleidheadh sa bheil iomadh seòrsa ainmhidh is lus a' tighinn beò. Nì sinn sin ann an co-bhuinn ri ar luchd-compàirt, ar luchd-siubhail agus ar coimhearsnachdan. Nì sinn ùrachadh air ar Siostam Rianachd Àrainneachd aig a bheil teisteanas ISO 14001 gus an ruig e inbhean airson 2015.

Cumaidh sinn rian èifeachdach air atharraichean.Tha sinn a' gabhail ris gum bi atharraichean ann rè ùine a' chùmhnaint air fad, agus tha sinn air dearbhadh gun urrainn dhuinn obair còmhla ri Còmhdhail Alba gus atharraichean a chur an sàs, agus cumaidh sinn oirnn le sin agus nì sinn cinnteach aig an aon àm nach toir iad buaidh air an t-seirbheis.

Cùmhnant gus Calaidhean a Ruith

Tha e fìor chudromach gun tèid na calaidhean a ruith ann an dòigh a nì cinnteach gum bi gach neach a chleachdas na puirt sàbhailte.Tha sinn air piseach a thoirt air sàbhailteachd aig na calaidhean mu thràth, tro dhiofar iomairtean, agus cumaidh sinn oirnn leis an obair sin. Cuiridh sinn sgioba chalaidhean air dòigh agus 's e a' phrìomh obair a bhios aca, dèanamh cinnteach gu bheil riaghailtean slàinte is sàbhailteachd gan cur an sàs agus gu bheilear a' cumail ri reachdas iomchaidh.

A' faighinn barrachd luach às an airgead a gheibh sinn. Nì sinn sin mar bhuidhinn chom-pàirteach ro-innleachdail a bheir seachad seirbheis, agus sinn a' togail air an fhìor dheagh eòlas agus an tuigse mhath a th' againn air an obair mar a tha i an-dràsta.

Ag obair ann an compàirt.Togaidh sinn air an dàimh a th' againn mu thràth le CMAL agus bidh sinn ag obair còmhla a rèir nam prionnsapalan a gheibhear fo BS 11000 Dàimh Gnothachais Cho-obrachail.

Bidh sinn nar fastaiche cùramach, a bhios a' cur sùim san luchd-obrach againn agus a' cosg airgead gus na sgilean aca a leasachadh.Cumaidh sinn oirnn a' cosg airgead gus sgilean ar luchd-obrach a leasachadh agus gus trèanadh a thoirt dhaibh. Obraichidh sinn còmhla ri Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean gus teisteanasan cala a chruthachadh is a lìbhrigeadh airson Luchd-obrach nam Port agus Manaidsearan nan Calaidhean, a bhios air an aithneachadh leis an SQA.

A' dèanamh nas fheàrr a thaobh cho riaraichte agus a bhios luchd-cleachdaidh nam port. Togaidh sinn air an obair a tha sinn air a dhèanamh gus àrainneachd thaiceil agus chothromach a chruthachadh sna calaidhean, agus obraichidh sinn còmhla ri gach neach a bhios a' cleachdadh puirt is calaidhean CMAL gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cur ri ìomhaigh is cliù CMAL.

Bidh e na amas leantainneach againn gus dòighean-obrach nas seasmhaiche a chur an sàs a thaobh na h-àrainneachd.Bheir sinn taic gu gnìomhach do dh'oidhirpean gus eag-shiostam mara seasmhach a ghleidheadh sa bheil iomadh seòrsa ainmhidh is lus a' tighinn beò. Nì sinn sin ann an co-bhuinn ri ar luchd-compàirt, ar luchd-siubhail agus ar coimhearsnachdan.

Cumaidh sinn rian èifeachdach air atharraichean. Obraichidh sinn còmhla ri CMAL agus luchd-ùidhe eile gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn uile ag obair a rèir nan aon amasan is cinn-uidhe gus na calaidhean a ruith gu soirbheachail.

Faodaidh sibh a bhith cinnteach gun toir sinn barrachd fiosrachaidh dhuibh cho luath 's as urrainn dhuinn às dèidh a' chiad teachdaireachd seo.

Tapadh leibh

Màrtainn Dorchester
Àrd-oifigear
Aiseagan ChalMac Earranta

 

Close Don't show again