Cinn-uidhe

Cuir eòlas air eileanan na h-Alba

Cinn-uidhe

Cuir eòlas air eileanan na h-Alba

Faodaidh tu eòlas a chur air Eileanan neo-thruaillte an Iar, no sreap air binneanan beanntan àrda an Eilein Sgitheanaich. Faodaidh tu coiseachd air feadh ghàrraidhean Lios Mòr is Ghiogha, no sgrìob a thoirt air tràighean Ìle is eòin an eilein os do chionn. Carson nach dèan thu rannsachadh ann an tasglann Gàidhlig Eilean Chanaigh, no faodaidh tu coimhead nan rionnagan ann an dorchadas na h-oidhche ann an Cola.

Às bith dè nì thu ann an eileanan na h-Alba, faodaidh tu do cheann-uidhe a ruighinn le CalMac. 

Tha sinn a' seòladh gu 28 cinn-uidhe: ann an Linne Chluaidh, gu na h-Eileanan mu Dheas, na h-Eileanan a-Staigh, na h-Eileanan Siar, agus gu cinn-uidhe san Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus sna h-Eileanan Tarsainn.

Càit an tèid thu còmhla rinn?

List for Cinn-uidhe

Close Don't show again