Explore the

West coast

Buy your tickets now

Please Read - Important Advanced Passenger Information update
Journey Planner
Access to ferry, bus and rail travel information
Public Transport Journey Planner
Faigh fios air CalMac
02/10/2014

Am Mòd Naiseanta Rìoghail

Am Mòd Naiseanta Rìoghail. Dè th' ann? Uill, tha an t-uabhas de fhreagairtean ann airson a' chèist seo.

'S a chiad àite, 's e cothrom a th' ann airson na Gaidheil a bhith a' cruinneachadh airson ar cànan fhèin a' chleachdadh, a' bhrosnachadh agus ag adhartachadh. Bidh cuid ag ràdh gur e cothrom a th' ann airson a' gabhail pàirt ann an co-fharpais le daoine eile ann an seinn, dannsa, ceòl, drama, spòrs, sgrìobhadh, leughadh, agus labhairt. Tha daoine eile ag ràdh gur e cothrom a th' ann airson coinneachadh gach bliadhna le deagh chàirdean, mar eisimpleir anns na còisirean. Ach, tha mòran dhaoine a' dol dhan mhòd dìreach airson splaoid! Tha iad aig a' mhòd airson na ceilidhean, na partaidhean... agus na taighean-seinnse!

Dhòmhsa, tha seo uile na lùib. Thòisich mi a' seinn aig a' Mhòd nuair a bha e ann an Lochabair ann an dà mìle 's a seachd! Tha na co-fharpaisean air a bhith glè chuideachail dhomh thairis nam bliadhnaichean. Is toil leam ag èisteachd ri na luchd-farpais eile, agus a' deanamh comas eadar na diofair dòighean 's a tha sinn uile a seinn. Tha an stiùireadh bho na breitheamhan gu math feumail o chionn 's gu bheil gach breitheamh cho eòlach agus fiosrachail.

Is toil leam cuideachd a bhith a' seinn leis a' choisir. 'S e rud mìorbhaileach a th' ann nuair a tha mòran guthan diofraichte a' seinn còmhla. Tha mòran fealla-dhà ann eadar na diofair coisirean - beagan 'friendly rivalry'! Cho luath 's a dh' fhàgas na breitheamhan an fharpais, toisichidh na coisirean uile a' seinn còmhla. Seo an rud as sònraichte mu dheidhinn na coisirean. Tha a h-uile duine dìreach cho toilichte a' bhith a' seinn le duine sam bith. Nuair a tha a h-uile co-fharpais deiseil aig deireadh an t-seachdainn, cruinnichidh na coisirean ann am meadhan a' bhaile agus seinnidh iad le chèile aon uair eile. Tha e doirbh a' chreidsinn (as dèidh seachdainn cho fada) ged a tha a h-uile  duine cho sgìth, le guthan cho sgìth, gu bheil iad fhathast a' deanamh ceòl cho àlainn!

A h-uile oidhche, nuair a thig na co-fharpaisean gu crìoch, bidh a h-uile duine a' dol gu na taighean-seinnse far am faigh thu cèilidhean a' dol air adhart gu uairean beag na maidne. Tron seachdainn tha e gu math dòchasach faicinn diofar ginealach a' tighinn còmhla airson ceòl a' chluich; daoine aig gach aois agus le eòlas aig gach ìre ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. Gu dearbh, tha cuimhn' agam fhìn a' suidhe, nuair a bha mi nam bhalach, le m'athair is mo mhàthair le sùgh orainds ag èisteachd ris a' cheòl - gu cinnteach cha bhi mòran dìreach ag òl sùgh orainds aig a' mhòd, gè ta! Co-dhiù, bidh mi daonnan cho toilichte a bhith a' seinn le na cluicheadaran agus na seinnedearan Gàidhlig as fheàrr air an t-saoghal! Gun teagamh sam bith, 's e tachartas air leth a th'anns a' mhòd airson teaghlach.  Latha an-diugh, tha mi fhàthast a' dol a-mach a h-uile oidhche airson ag èisteachd ri na seinneadaran agus a' seinn dhà neo trì òrain le na còmhlain-ciùil. Bidh mi uaireanan ann le mo phàrantan fhàthast agus uaireanan le mo chàirdean. Gum bi cò tha còmhla rium, tha an còmhnaidh spòrs againn!

Mar sin, airson iomadh bliadhnaichean a-nis, tha an Comunn Gaidhealachd, a chaidh a' steidheachadh ann an 1891, air toirt an cothrom do dhaoine an gàidhlig aca a' neartachadh le bhith am measg an cànan san cultar fad seachdainn. Gun teagamh sam bith, 's e an fhirinn a th' agam nuair a tha mi ag ràdh gu bheil na duaisean (bhon am bonn òr, is am bonn tradiseanta, gu duaisean na cloinne) gu math cliùteach ann an ceòl air feadh an t-saoghal. Bho bliadhna gu bliadhna, àite gu àite, gun teagamh sam bith, bidh seachdainn air leth agad.  Chi mi ann an Inbhir Nis sibh! 

Raibeart MacDhonnachaidh, 
Neach-ciùil à Lochabair.
'S e seinneadair agus cluicheadair a tha Raibeart MacDhonnachaidh. 'S ann à Lochabair a tha e. Ghlèidh e am bonn òr aig An Comunn Gàidhealach aig am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig ann an 2013 agus, dìreach dà mhìos as dèidh sin, bhuannaich e duais airson an cluicheadair a tha air tighinn air adhart 's a bhliadhna aig "Na Trads" - duais gu math cliùiteach.
Tha Raibeart a' cluich leis an còmhlan-ciùil "Skipinnish", agus sgrìobh e (còmhla ri cluicheadair a' bhocsa, Aonghas Mac a' Phàil) an òran aca "Walking on the Waves".  Fhuair an òran gu mullach an "iTunes World Music Chart", agus bha e soirbheacheil cuideachd ann an "UK Download Charts" am measg "One Direction", "Bastille" agus còmhlanan eile gu math ainmeil! 
'S urrainn dhuibh ag èisteachd ri "Walking on the Waves" agus òran eile a chaidh a sgrìobhadh le Raibeart air an clàr "Western Ocean" air iTunes!

Beachdan

Chan eil beachdan ann Cuir beachd ann
Close Don't show again