Explore the

West coast

Buy your tickets now

Please Read - Important Advanced Passenger Information update

Widget Pins

Journey Planner

Access to ferry, bus and rail travel information
Public Transport Journey Planner

Faigh fios air CalMac

07/11/2014

Pàrlamaid Dùthchail na h-Alba

An t-Samhain 2014

Diardaoin 06 Samhain

An t-seachdain sa chaidh, thachair a' chiad Pàrlamaid Dùthchail na h-Alba san t-Obainn, a' toirt còmhla daoine bho feadh Alba airson sùil a thoirt air na duilgheadasan a th'aig sgìrean dùthchail agus na dòighean airson fhaighinn thairis orra.

Airson a' chiad latha den Phàrlamaid, chaidh buidheann a-null gu Muile airson fhaicinn mar a tha na coimhearsnachdan an sin ag obair còmhla agus mar tha iad a-nis nas seasmhachd na bha iad. Bhruidhinn sinn ri Sandy Brunton bho Muile, fear den chomataidh a chur a' Phàrlamaid air dòigh agus e ag innse cho cudromach sa tha a' Phàrlamaid Dùthchail fhad 's a thadhal sinn air aon den an buidhnean coimhearsnachd - Taigh-cluiche Muile.

 

Sandy Brunton
 
Dihaoine 07 Samhain

Thàinig a h-uile duine còmhla chiad char sa mhadainn aig ionad Atlantis Leisure airson èisteachd ri triùir a bha a' toirt seachad òraidean. B' e Ridseard Lochhead BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Cuisean Dùthchail, Biadh agus na h-Àrainneachd a bhruidhinn an toiseach air cho cudromach sa tha e gu bheil dhaoine ag amas air obrachadh còmhla airson freagairtean fhaighinn air na duilgheadasan aca. Airson an fheadhainn nach d'fhuair ann, seo an taisbeanadh aige.

 

Richard Lochhead

 

'S i Dr. Carol Craig a bhruidhinn an uairsin air misneachd agus mathais na sgìrean dùthchail ann an Alba agus mar a tha cultar ag atharrachadh barrachd anns na sgìrean sin na anns na bailtean mòra air sailleadh atharraichean anns an àrainneachd aca. Mar sin, tha na daoine anns na sgìrean dùthchail a' dèanamh nas urrainn dhaibh leis na goireasan a tha aca. Bha deasbad ann air na bha i ag ràdh air mathas na daoine ann an sgìrean dùthchail. Bha feadhainn ag aontachadh leis na thuirt i ach bha feadhainn eile ag ràdh gu bheil barrachd ri dhèanamh airson gum bi cothrom aig daoine seirbheisean slàinte nas fheàrr fhaighinn agus bochdainn-connaidh a' lughdachadh. Èist ris na bha aig Dr Carol Craig ri ràdh anns an taisbeanadh aice.

 

Dr Carol Craig

 

'S i Annelie Kana bho Estonia a bha air mu dheireadh airson innse mun Kodukant, a' Phàrlamaid Dùthchail ann an Estonia a bhitheas i fhèin a' cur air dòigh. Tha iad air an deicheamh tachartas a chur air agus 's ann bho Estonia agus an t-Suain a thàinig am beachd-smuain airson Pàrlamaid Dùthchail a chur air dòigh ann an Alba. Seo Annelie ag innse mun obair aig an Kodukant agus cho cudromach sa tha e do Estonia.

 

Annelie Kana

 

Feasgar, bha cothrom aig daoine pàirt a ghabhail ann am bùth-obrach air cuspairean a bha air fhaicinn cudromach dhan na sgìrean dùthchail. B' e comhdhail dùthchail aon de na cuspairean a chaidh a bhruidhinn air, bho busaichean agus trèanaichean gu bataichean- aiseig agus cho cudromach sa tha iad. Bhruidhinn sinn ri John Hutchison, Cathraiche Gnìomh Dùthchail na h-Alba a chur air dòigh a' Phàrlamaid Dùthchail air cho cudromach sa tha còmhdhail airson sgìrean dùthchail.

 

John Hutchison

 

Bhruidhinn Tormod Mac Asgail bho Scottish Council for Voluntary Organisations agus ball a chomataidh a chur a' Phàrlamaid Dùthchail còmhla, air an compàirteachas eadar Gnìomh Dùthchail na h-Alba agus Caledonian Mac a' Bhruthainn. Bha Tormod cuideachd an sàs ann an co-fharpais dheilbh a thachair ron Phàrlamaid Dùthchail fhèin. Seo e ag innse barrachd mun compàirteachas agus an co-fharpais.

 

Norman MacAskill

 

Seo agaibh Moray Finch bho Urras Coimhearsnachd Muile is Idhe, cuideigin a ghabh pàirt anns a' Phàrlamaid agus e ag innse carson a tha a' Phàrlamaid Dùthchail cudromach agus còmhdhail dha na h-Eileanan Muile is Idhe.

 

Moray Finch

 

Fhuair sinn greim air Ridseard Lochhead airson mionaid no dha as dèidh an taisbeanadh aige mu na beachdan aige air a' chiad Phàrlamaid Dùthchail na h-Alba agus an turas aige gu Muile air bata-aiseig CalMac.

 

Richard Lochhead

 

On a 'se CalMac a bha a' toirt taic dhan chiad Pàrlamaid Dùthchail na h-Alba, fhuair daoine cothrom bruidhinn dìreach ri luchd-obrach CalMac mu draghan sam bith a bha aca. Dh'innis Màrtainn Dorchester, Àrd-oifigear Daibhidh Mac a' Bhruthainn, carson a bha e cudromach bruidhinn leis na coimhearsnachdan dùthchail, aghaidh ri aghaidh, agus carson a tha a' cur taic ri tachartas leithid a' Phàrlamaid Dùthchail a thoirt dhaibh cothrom sin a dhèanamh.

 

Martin Dorchester 

Blogger

Seo Shona Marie NicIllfhialain. 'S ann a Uibhist a Deas a tha i agus 'se eadar-theangair agus sgrìobhadair Gàidhlig a th' innte a tha air obair rèidio agus telebhisean a dhèanamh cuideachd. 

Beachdan

Chan eil beachdan ann Cuir beachd ann
Close Don't show again