Faigh fios air CalMac
10/02/2015

Na 10 fèisean as fheàrr ann an 2015

Mu tha sibh an dùil siubhail dhan an taobh an Iar am bliadhna, seo cuid de na rudan a bhitheas a' tachairt.

Lewis Butt of Lewis

  1. Fèisean - Tha na Fèisean a-nis ri fhaighinn air feadh Alba tron bhliadhna le oidean a' teagasg tron latha agus a' cluich aig cèilidhean air an oidhche. Airson liosta agus deitichean faic feisean.org An fheadhainn a chòrd rium fhèin- Fèis Tìr a' Mhurain, Uibhist a Deas (Iuchar), Fèis Tìr an Eòrna, Uibhist a Tuath (Iuchar), Fèis Thiriodh, Tiriodh (Iuchar), Fèis Latharna, san Oban (Giblean).

  2. Fèis Chiùil Mhuile - 23-26 Giblean, Tobar Mhoire, Eilean Mhuile - Ceòl beò anns an taigh-seinnse MacGochans le cuid de na comhlan as fheàrr anns an taobh an Iar - HoRo, Chunks, Torridon, Trail West agus Ceòl an Aire. Chan fheum sibh tiocaidean, dìreach thig ann! Faic macgochans-tobermory.co.uk airson tuilleadh.

  3. Fèis Ìle - 22-30 Cèitean, Eilean Ìle -fèis làn ceòl traidiseanta, cèilidhean, Gàidhlig, golf, bowling agus blasadan de uisge-bheatha! Bheir sùil air  islayfestival.com airson tuilleadh fios.

  4. Ceòlas - 5-10 Iuchar, Uibhist a Deas. Sgoil samhraidh airson inbhich le cothrom aca Gàidhlig, seinn, fidheall, a' phìob agus dannsadh ionnsachadh ann an coimhearsnachd Gàidhlig. Faigh a-mach barrachd aig ceolas.co.uk

  5. Fèis Cheilteach nan Innse Gall  (HebCeltFest) - 15-18 Iuchar, Steòrnabhagh, Eilean LeòdhaisLe taic bhoCalMac, tha HebCelt a' comharrachadh 20 bliadhna agus ged nach eil iad air na comhlan air fad air ainmeachadh fhathast bi an Afro Celt Sound System, Treacherous Orchestra agus na Elephant Sessions ann. Airson tiocaidean agus fiosrachadh thig gu hebceltfest.com

  6. Fèis Cothlam - 16-18 Iuchar, Meadarloch, an t-Oban. Bi Fèis Cothlam a' sealltainn sgilean traidiseanta a tha ceangailte ri clò agus snàth le cothrom òrain luaidh a' chluinntinn cuideachd. Gheibh sibh a-mach tuilleadh aig lorn.org.uk

  7. Fèis Chiùil Tiriodh (TMF) - 17-19 July, Crossapol, Isle of Tiree. Le taic bho CalMac, 'se TMF an fhèis bheag as fheàrr ann an Alba. Bi gu leòr ceòl, deoch, craic, grian agus gaoth ann! Tha tiocaidean gann mar sin cùm sùil a-mach air an làraich-lìn aca airson tiocaidean aig tireemusicfestival.co.uk

  8. Blàs - Sultain 2015, A' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan - Cha deach na deitichean innse fhathast agus dè na tachartasan a bhitheas aca am bliadhna ach bi gu leòr ceòl Gàidhlig traidiseanta na lùib. Faic blas-festival.com   airson barrachd fhaighinn a-mach.

  9. Am Mòd Nàiseanta Rìoghail -  9-17 Dàmhair 2015, an t-Oban. Le taic bho CalMac, tha a' mhòd am bliadhna a' tachairt san Oban agus abair seachdain a bhitheas ann le ceòl, òrain, dannsadh, drama, spòrs agus litreachas, 'se seo an t-seachdain is motha ann an saoghal nan Gàidheal. Bheir sùil air acgmod.org airson tuilleadh.

  10. Faclan - 28-31 Dàmhair 2015, Steòrnabhagh. Faic faclan.org  airson tuilleadh fiosrachadh neo gaelicbooks.org airson fhaighinn a-mach mu fèisean leabhraichean eile far am bi sgrìobhadairean Gàidhlig ri fhaicinn.

    Airson a' mhòr chuid de na fèisean seo, bi feum agaibh air bàta. Thig gu Claran-àma airson na clàran-àma fhaicinn.

Close Don't show again