Biadh is Deoch an taobh an Iar
Am bliadhna tha a h-uile duine a' bruidhinn air biadh agus deoch na h-Alba mar phàirt de iomairt sònraichte airson luchd-turais a tharraing gu Alba. Agus tha gu leòr biadh blàsta agus deoch làidir ri fhaighinn ann an Alba. Ach dè is fheàrr agus càite a bheil e ri fhaighinn? Seo na rudan a tha na h-Eileanan ainmeil air a shon agus na àiteachan is fhèarr airson ithe - a-rèir mi fhèin.
Iasg - le na uisgeachan is fheàrr mun cuairt na h-eileanan, tha an iasg a gheibh sibh anns na h-Eileanan math agus math dhut! Eadar bradan bho Uibhist agus adag bho Barraigh, gheibh sibh fheuchainn air am bàta-aiseig, anns na Taighean-òsta, agus na cafaidhs bheaga. An t-àite is fheàrr leum fhèin bradan ithe 's ann aig an cafaidh beag aig Hebridean Jewellery, ann an Uibhist A Deas - Hebridean Jewellery
Feòil - tha na h-eileanan ainmeil airson croitearachd agus a' cumail crodh is caoraich a tha air feur, fraoch agus machraichean ithe mus tèid iad an ullachadh airson a' bhòrd. Tha blas an fheòir aca gan fhàgail milis. Carson nach fheuch sibh uan bhon Earra-Ghàidheal air bàtaichean CalMac? An t-àm is fheàrr airson uan ithe 'se eadar an Iuchar agus an t-Sultain. Agus an t-àite is fheàrr? Eilean Àrainn aig an taigh-bidhe Trafalgar. The Trafalgar Neo am marag dhubh aig Teàrlach MacLeòid a tha a-nis ri fhaighinn anns a' mhòr-chuid de Taighean-òsta is bùithtean nan eilean. Charles MacLeod
Deoch - gu h-àraidh deoch làidir! Eadar leann, uisge-beatha agus gin, tha Alba agus gu h-àraidh na h-Eileanan ainmeil airson deoch. Tha leann gu math fasanta an dràsta le diofar taighean-grùide beaga a' fosgladh suas anns a h-uile àite. Tha leann aig Eilean Àrainn, Muile, Colbhasa,Ìle, an t-Eilean Sgitheanach agus Leòdhais agus uisge-beatha ga dhèanamh cuideachd. Airson na h-àiteachan is fheàrr leann neo uisge-beatha fheuchainn, carson nach toir sibh sùil air na 10 Fèisean a tha a' gabhail àite am bliadhna. Agus mu tha gin a' còrdadh ribh faic The Botanist ann an Ìle.
Fuine - bèicearachd de gach seòrsa. Bho briosgaidean, cèicean, sgonaichean, aran, aran-coirce, tha a leithid ann! Tha iad anns na bùithtean, na Taighean-òsta, na taighean-bidhe agus air bàtaichean CalMac. Faic na làraich-lìn airson fhaighinn a-mach càite agus ciamar a gheibh sibh greim air an bèicearachd aca Island Bakery ann am Muile, Hebridean Toffee Company ann am Barraigh, Stag Bakeries ann a Leòdhais agus MacLeans Bakery ann am Beinn na Faoghla.
Biadh annasach - Teoclaid - cò chreideadh gu bheil Alba a' dèanamh ainm airson teoclaid? Bi mise gu tric a' dol chun a' bhùth aig an Oban Chocolate Company Oban Chocolate airson cupa de teoclaid teth nuair a tha mi a' feitheamh airson a' bhàta. Agus tha CalMac a-nis a' reic teoclaid bhon t-Eilean Sgitheanach Chocolate Skye air bòrd na bàtaichean-aiseig. Mu dh'fheumas sibh leisgeul sam bith, faodaidh sibh a ràdh gur e mise a thuirt ribh am feuchainn!
Mu tha sibh acrach as dèidh seo a' leughadh, an rud is fheàrr a dhèanamh 'se siubhail gu eilean sam bith, a dhol a-staigh gu bhùth air eilean sam bith, faigh aran-coirce, bradan, caise, cèic, tablet, leann neo botal-uisge agus thig a dh' àiteigin leithid an tràigh, suidh sìos agus ith. Chan eil am beat air! Fhad's nach fhàg sibh sgudal sam bith!