Faigh fios air CalMac
14/10/2014

Dimairt aig a' Mhod

A' Bhus aig CalMac 11:00m - 14:00f

'Se latha trang a bh' ann aig a' bhus aig Calmac taobh a-muigh Eden Court an-diugh. Tha sinn air a bhith aig deas meadhan gnothaichean a' Mhod agus choinnich sinn le torr dhaoine inntinneach.

Choinnich sinn le Daniel MacLeoid, 8 bliadhna a dh' aois, bho Leodhas. Bha Daniel a' gabhail pairt anns na farpaisean seinn agus bardachd sa mhadainn agus bha e mar phairt de choisir feasgar. Seo beagan mu dheidhinn an turas aigesan chun a' Mhod. #ModJourney

 

 

Seoras Mhoireach, Oifigear Polis aig a' Mhod 12:00f

Seo Seoras Mhoireach, fear de na h-oifigearan Polis aig a' Mhod Naiseanta Rioghail 2014. 'S ann bho Steornabhagh a tha Seoras agus bha torr sgeulachdan aige mu Calmac. Seo an bhideo aige.....

 

 

Chur sinn fàilte air Iain Mhoireasdan, Àrd-oifigear an Comunn Gàidhealach. 'Se duine gu math trang a th'ann ach bha beagan ùine aige airson innse dhuinn mun chiad cuimhne a bh' aige mu CalMac.

 

Close Don't show again